Learning & Schools

VICTORY, HOPE & AMBITION“: A creative project for young people, celebrating the cultural legacy of The ‘45 in 2020.

The Jacobite Rising of 1745 has fascinated, moved and inspired people all around the world for 275 years. The Battle of Prestonpans, an unexpected triumph by the untested Highland army over professional redcoat forces, triggered a particularly rich and diverse cultural legacy which continues to this day. In this context, we believe the creation of new work is just as important as the presentation of the past. So to celebrate 275 years of creativity we are calling on young people from around the country to contribute to the telling of this amazing story.

WHAT WE WANT TO DO:

We are inviting young people aged 10-17 years to create new contributions to the cultural legacy of the Jacobite Rising of 1745 and the Battle of Prestonpans. This is a great chance to show of your talents, whether you are most comfortable with the pen or the paint brush!

The most imaginative, inspiring and creative entries will be published in a special book marking the 275th anniversary of the battle – a great opportunity to see you work in print! We are also planning a special event to celebrate your creativity in 2021, and hope we can publish all entries on our website too.

There are three categories you can enter:

  1. Poetry – any form of verse writing, written in either English, Scots or Gaelic.
  2. Prose – could be a description of a place, or a short story perhaps. Entries can be written in English, Scots or Gaelic.
  3. Visual art – perhaps a painting or drawing, short comic strip or textile art (basically, anything that is 2D and creative!).

Entries should reflect one of the following themes:

  1. The Prince has landed
  2. A Call to Arms
  3. On the March
  4. Battle
  5. Victory or Defeat
  6. Looking back

Gaelic language entries should be accompanied by English translations if possible please.

Prose contributions must be 500 words or less.

HOW TO TAKE PART:

We want as many young people as possible to get involved! You have until 20 December 2020 to complete and submit your entries.

The first step is to download the introductory information below, then email ajohnston@battleofprestonpans1745.org to request a free Inspiration Pack featuring two books and a DVD as well as additional information (one per school).

Once you are underway we would love to hear how you are getting on, so please feel free to messages us on social media using #prestonpans275

Just send your entries to us by email and artworks can either be posted or high-resolution photographs can also be submitted by email.

WHERE TO SEND ENTRIES:

To send digital copies of written work, or hi-res photos/scans of artwork, please send by email or online transfer to:

ajohnston@battleofprestonpans1745.org

To send hard copies of artworks, please post to:

Battle of Prestonpans 1745 Heritage Trust, 227-229 High Street, Prestonpans, East Lothian EH32 9BE


BUAIDH, DÒCHAS IS ÀRD-AMAS”.  Pròiseact cruthachail do dhaoine òga a’ comharrachadh dìleab chultarach an ’45 ann an 2020.

Tha Aramach nan Seumasach ann an 1745 air daoine bho air feadh an t-saoghail a bheò-ghlacadh, a ghluasad agus a bhrosnachadh airson 275 bliadhna. Phiobraich Blàr Sliabh a’ Chlamhain, a bha na bhuaidh ris nach robh dùil leis an fheachd Ghàidhealach thairis air feachdan proifeiseanta nan còtaichean dearga, dìleab chultarach gu h-àraidh saidhbhir agus eadar-mheasgte a tha a’ leantainn chun an latha an-diugh. Sa cho-theacsa seo, tha sinn a’ creidsinn gu bheil cruthachadh air obair ùr a cheart cho cudromach ris an riochdachadh bhon àm a dh’fhalbh. Mar sin, gus 275 bliadhna de chruthachalachd a chomharrachadh, tha sinn ag iarraidh air daoine òga bho air feadh na dùthcha cur ris an innse air an sgeul iongantach seo.  

NA THA SINN AIRSON A DHÈANAMH:

Tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine òga aois 10-17 bliadhna, tabhartasan ùra a chruthachadh agus a chur ri dìleab chultarach Aramach nan Seumasach agus Blàr Sliabh a’ Chlamhain ann an 1745. Is e cothrom math a tha seo ur tàlantan a thaisbeanadh eadar gu bheil sibh nas cofhurtaile leis a’ pheann no le bruis pheantaidh!  

Thèid na tabhartasan as mac-meanmhainniche, as brosnachaile agus as cruthachaile fhoillseachadh ann an leabhar speisealta a bhios a’ comharrachadh an 275mh ceann-bliadhna den bhlàr – cothrom mòr air ur n-obair fhaicinn ann an clò!  Tha sinn cuideachd a’ planadh tachartas sònraichte a chur air bhonn ann an 2021 gus ur cruthachalachd a chomharrachadh, agus tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn na tabhartasan agaibh uile fhoillseachadh air an làrach-lìn againn.  

Tha trì roghainnean agaibh a dh’fhaodas sibh fheuchainn:  

  1. Bàrdachd – cruth sam bith de sgrìobhadh bàrdachd, sgrìobhte ann am Beurla, Albais no Gàidhlig na h-Alba.  
  2. Rosg – iomradh air àite no sgeulachd ghoirid ’s dòcha. Faodaidh innteartan a bhith sgrìobhte ann am Beurla, Albais no Gàidhlig na h-Alba.
  3. Ealain lèirsinneach – dealbh air a peantadh no air a tarraing, sriop comaig goirid no ealain aodaich (nì sam bith a tha 2D agus cruthachail!)

Bu chòir do na h-innteartan aon de na tèaman a leanas, a nochdadh:

  1. Tha am Prìonnsa air a thighinn air tìr  
  2. Gairm gu Armachd
  3. A’ Caismeachd
  4. Am Batal
  5. Buaidh no Call
  6. Coimhead air ais

Bu chòir eadar-theangachadh sa Bheurla a bhith còmhla ri innteartan ann an Gàidhlig, ma ghabhas sin a dhèanamh.

Cha bhi còrr air 500 facal ann an tabhartasan rosg.

MAR A GHABHAR PÀIRT:

Tha sinn airson gum bi àireamh cho mòr ’s a ghabhas de dhaoine òga a’ com-pàirteachadh ann!  Tha agaibh gu 20 Dùbhlachd 2020 airson ur n-innteartan a chrìochnachadh agus a chur a-steach.

Faodaidh sibh innteartan a chur a-steach tron sgoil no mar neach fa leth.

Tha sinn ag ullachadh beagan fiosrachaidh a bharrachd a dh’fhaodas sibh a luchdachadh sìos ma bhios beagan brosnachaidh a dhìth oirbh aig toiseach cùise. Bidh e an seo airson a luchdachadh sìos no faodaidh sibh post-d a chur thugainn aig: ajohnston@battleofprestonpans1745.org

B’ fhìor thoigh leinn cluinntinn mar a tha a’ dol dhuibh, mar sin tha sibh di-beathte teachdaireachd a chur thugainn air na meadhanan sòisealta, a’ cleachdadh #prestonpans275

Dìreach cuiribh ur n-innteartan thugainn air post-d agus faodar obair-ealain a chur tron phost no faodaidh dealbhan-camara de àrd-chàileachd a chur a-steach air post-d cuideachd. 

FAR AN CUIREAR INNTEARTAN:

Gus lethbhreacan didseatach de dh’obair sgrìobhte no dealbhan/sganaichean àrd-chàileachd de obair-ealain a chur a-steach, cuiribh iad air post-d no air-loidhne gu:

ajohnston@battleofprestonpans1745.org

Airson lethbhreacan cruaidh a chur a-steach, cuiribh iad tron phost gu: 

Cuireadh Sgoiltean, Blàr Sliabh a’ Chlamhain, Urras Dualchais 1745, 227-229 Sràid Àrd, Prestonpans, Lodainn an Ear EH32 9BE

%d bloggers like this: